Cuibhle na h-Eaglaise Brice
Canàl an Aonaidh agus Canàl Fhoirfe & Chluaidh
Cuibhle-togail bhàtaichean gun samhail san t-saoghal!
Thig airson latha air leth brosnachail aig an aon chuibhle-togail bhàtaichean san t-saoghal. Gabh turas bàta iongantach air a’ chuibhle-togail a tha a’ ceangal Canàl an Aonaidh ri Canàl Fhoirfe & Chluaidh agus ionnsaich tuilleadh mun sgìre anns an ionad-tadhail sgoinneil againn a tha uile gu lèir so-inntrigidh.
Dè th’ ann ri dhèanamh?
- Turas air a’ chuibhle – Gabh fhèin turas air a’ chuibhle agus faic cò ris a tha e coltach.
- Slighe chlaistinn – Ionnsaich tuilleadh mun chuibhle agus mun sgìre.
- Ionad-tadhail – Gnìomhan rin dèanamh agus caractaran bho na linntean a dh’fhalbh.
- Bùithtean
- Cafe
- Àite-cluiche cloinne
- Cuairtean
Tuilleadh fiosrachaidh a dhìth?
Tadhail air làrach-lìn Cuibhle na h-Eaglaise Brice airson tuilleadh ionnsachadh mu dheidhinn tighinn a dh’fhaicinn an t-seallaidh iongantaich seo. Uairean fosglaidh, prìsean, ciamar a gheibh thu ann agus tuilleadh air tadhal bhuidhnean.
Teaghlaichean
Is tric a tha tachartasan gan cumail aig Cuibhle na h-Eaglaise Brice. Faic an duilleag thachartasan againn no làrach-lìn Cuibhle na h-Eaglaise Brice airson faighinn a-mach dè tha san amharc.
Dè mu dheidhinn sgoiltean agus bhuidhnean?
Tha fàilte ann an-còmhnaidh ro sgoiltean is buidhnean aig Cuibhle na h-Eaglaise Brice. Tha iomadh chuspair rannsachaidh aig an ionad. Cùm sùil a-mach airson seachdainean foghlaim nuair a bhios gnìomhan ann ri dhèanamh.
Fiosrachadh feumail eile agus planadh turais A’ cur Turas air Dòigh Sàbhailteachd air an Uisge
Where is it?
Go to map
Cuibhle na h-Eaglaise Brice
Cuibhle na h-Eaglaise Brice
Rathad Lime
Tamfourhill
An Eaglais Bhreac
FK14RS

